The Music Of Scotland



    Cailin Mo Rùin-sa

    Cailin mo rùin-sa is leannan mo ghràidh
    Ainnir mo chridh-sa ´s i cuspair mo dhàin
    Tha m´inntinn làn sòlais bhi tilleadh gun dàil
    Gu cailin mo rùin-sa is leannan mo gràidh.

    B´òg chuir mi eòlas air leannan mo ghràidh
    ´S a rinn mise suas ri´sa ghleannan gu h-àrd
    A gnuis tha cho aoidheil, làn gean agus bàigh
    Is mise bhios cianail, mur faigh mi a làmh.

    Gur tric sinn le chéile gabhail cuairt feadh an àit´
    ´S a falbh troimh na cluaintean gach bruachag is màgh
    Na h-eoin bheag le smudan a´ seinn dhuinn an dàn
    ´S toirt fàilte do´n mhaighdinn d´an d´thug mi mo ghràdh.

    Bha mise làn aoibhneis nuair fhuair mi cheud phòg
    Bho´n chaileig ghrinn uasail tha aighearach òg
    ´S e mo mhiann is mo dhùrachd, cho fad ´s bhios mi beò
    A bhi pòsd´ ris a´ ghruagaich tha suairc agus còir.


    back to britannia.org's Music Of Scotland

    Questions, Comments?   Please Contact ASH
    Page Last Updated: 11 Oct 2017 at 00:43 UTC

    You are visitor since 07 Jan 1999

    page design & content copyright © 2001 Andrew S Harris
    Pages best viewed at 800 x 600 - 24bit colour with Netscape Communicator
    return to britannia.org